Ionad Luth Innse Gall

Energy
Image Courtesy of Stornoway Port Authority

Tha Ionad Lùth Innse Gall a togail air an stòras dùbhlanach seo le bhith a’ stèidheachadh am bun-structair deatamach a chumas taic ri solair Hàidhreaidean Uaine bho lùth ath-nuadhachail (Gaoth Air-tìr agus Far a’ Chosta).  Bidh an Ionad Lùth stèidhichte timcheall air Ceann-uidhe Ùr £50 millean Uisge Domhainn aig Ùghdarras Port Steòrnabhaigh agus, anns a’ chiad àite, a’ solarachadh Hàidhreaidean Uaine airson 100% atharrachadh air 1,400 luchd-cleachdaidh SGN, air lìonra Gas Meadhan Steòrnabhaigh bho propane gu hàidhreaidean. Thèid am pròiseact Pathfinder seo a leasachadh gu bhith air ath-bhuileachadh ann an ionadan siridh Hàidhreaidean air feadh an Rìoghachd. 

Gabhaidh saothair Hàidhreaidean aig an Ionad Lùth atharrachadh gu cothrom a thoirt hàidhreaidean às-bhathar air muir gu margaidhean sònraichte Eòrpach le chuir gu amòinia no methanol ann an canastairean no air loidhne phìob gu nam meadhanan iarrtais air costa an iar tìr-mor na h-Alba. Bidh an Ionad Lùth cuideachd a’ toirt cothruim di-ghualanachadh ann am pàirt air stòr connadh lionnach an eilein agus ath-shuidheachadh bho mheadhan baile Steòrnabhaigh chun Ionad Lùth. 

Gheibh pròiseact Lùth Innse Gall taic le in-thasgadh suas gu £11 millean bho Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte.  

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Ionad Lùth Innse Gall cuiribh fios gu Iain Coineagan