Làmh-sgrìobhaidh ga chur ri cùmhnant fàs

Our Islands Our Deal

Chaidh aontachadh an-diugh ri in-thasgadh de £100 millean ann an soirbheachas eaconamach san àm ri teachd do dh’Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall, le riochdairean bho Riaghaltas an Rìoghachd Aonaich

Làmh-sgrìobhaidh ga chur ri cùmhnant fàs do dh’Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall a’ fuasgladh in-thasgadh de £335 millean

Chaidh aontachadh an-diugh ri in-thasgadh de £100 millean ann an soirbheachas eaconamach san àm ri teachd do dh’Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall, le riochdairean bho Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte, Riaghaltas na h-Alba a’ tighinn còmhla ri Ceannardan Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle Eileanan Arcaibh agus Comhairle Eileanan Shealltainn a cur an làmh-sgrìobhaidh ri Teirmean Rùintean airson Cùmhnant Fàs nan Eilean.

Tha an aonta a daingneachadh gun co-obraich gach riaghaltas le com-pàirtichean Chùmhnant nan Eilean ann a bhith a’ lìbhrigeadh cùmhnant le fòcas air: na h-eileanan a bhith air thoiseach a thaobh atharrachadh gu neo-ni eimisean; taic d dh’fhàs anns na prìomh roinnean chothruim mar turasachd, biadh is deoch, fànas agus gnìomhachasan cruthachail; agus taic a chumail ri coimhearsnachdan beothail, seasmhach. 

Bidh Cùmhnant Fàs nan Eilean a’ toirt buannachd à so-mhaoin shònraichte nan eilean le in-thasgadh de £50 millean bhon dà chuid Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba agus dùil ri £235 millean eile bho chom-pàirtichean air pròiseactan. Tha targaid àrd-amasach aig a’ phrògram in-thasgaidh 10-blidhan gu suas ri 1300 cosnadh a stèidheachadh agus a’ dèiligeadh ri iomagain mu crìonadh sluaigh a tha bualadh air iomadh ceàrnaidh de na 3 sgìrean eileanach.  Bidh luchd comp-pàirt a-nis ag ullachadh Làn Chùisean Gnothachais airson aonta gach Riaghaltas, le dùil gun deidheadh aontachadh ri maoineachadh a bhith air a sgaoileadh bho 2022/23. 

Thuirt Iain Stewart MP, Fo-rùnaire na Stàit an Alba: 

“An-diugh chur sinn làmh-sgrìobhaidh ri cùmhnant atharrachaidh a tharraingeas obraichean, in-thasgadh agus ùr-ghnàthas do choimhearsnachdan thar na trì sgìrean eileanach. Tha na planaichean brosnachail seo a sealltainn slighe nas cothromaich, nas seasmhaiche, gu àm teachdail nas soirbheachail mar a bhios sinn a’ tighinn am feabhas an dèidh a’ mhòr-ghalair. Cuiridh in-thasgadh Riaghaltas na h-Alba de £50 millean spionnadh ann an cosnaidhean uaine agus ùr-ghnàthachail ann an dàimh ri lùth seasmhach, slàinte, turasachd, biadh is deoch agus di-ghualanachadh. Ai feadh Alba tha sinn air daingneachadh còrr air £1.5 billean ann an Cùmhnantan Fàis.”  

A’ labhairt an dèidh làmh-sgrìobhaidh a chur gu samhlachail, thuirt Mìcheal MacMhathain, Rùnaire Chaibineat airson Comhdhail, Bun-structair agus Ceangal:  
“Tha mi toilichte a bhith a’ cur mo làmh-sgrìobhaidh ri aonta Teirmean Rùintean Chùmhnant Fàs nan Eilean, a’ daingneachadh gun dèan Riaghaltas na h-Alba in-thasgadh de £50 millean anns an roinn thairis na deich bliadhna a tha romhainn gu fàs seasmhach a lìbhrigeadh agus taic a thoirt do bhuadhachadh eaconamach. Bidh na pròiseactan a gheibh taic tron Chùmhnant seo a cur fòcas air a’ cumail agus a’ tarraing dhaoin’ òga gu ar coimhearsnachdan eileanach, a’ brosnachadh luchd-turais às ùr, a’ cur spionnadh ann an ùr-ghnathas agus sgilean, a’ toirt fàs air prìomh roinnean mar biadh is deoch agus na gnìomhachasan cruthachail, agus a’ togail a’ bhun-structair agus an eòlas a dh’fheumar gu brath a ghabhail air na cothroman bho lùth ath-nuadhachail. Lìbhrigidh an Cùmhnant pròiseactan air an cumadh le muinntir an àite agus le prìomhachasan ionadail a’ toirt ath-bheothachadh air eaconamaidhean nan eilean, a stèidheachadh cosnaidhean aig àrd-ìre agus togail ro-innleachdail le fàs agus soirbheachas san ùine fhada.”

Thuirt Cmhl Roddie MacAoidh, Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar: “Tha sinn air leth taingeil a bhith air an ìre seo a ruighinn sa phròiseas, agus air dleasadh an ìre seo de dh’in-thasgadh tron chùmhnant, a tha a riochdachadh an ìre in-thasgaidh as àirde a-rèir sluaigh de na cùmhnantan fàs Albannach air fad.  Tha Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba air toirt fa-near an so-mhaoin shònraichte agus an comas fàis ar n-eileanan ann an roinnean leithid stòras lùth ath-nuadhachail, biadh is deoch, agus turasachd.  Le gu bheil iad a daingneachadh in-thasgadh ann am pròiseactan Chùmhnant nan Eilean neartaichidh sin buaidh ar n-eileanan air an eaconamaidh nàiseanta, agus a cuideachadh le bhith a’ coinneachadh nan dùbhlan mu choinneamh ar coimhearsnachdan eileanach, gu sònraichte mar a bhios sinn a’ tighinn an uachdar an dèidh from COVID-19.”

Thuirt Cmhl James Stockan, Ceannard Chomhairle Eileanan Arcaibh: “Tha a bhith a’ cur làmh-sgrìobhaidh ris a’ chùmhnant seo a daingneachadh cothrom sònraichte do ar trì sgìrean eileanach an tuilleadh taisbeanaidh air ar comas, ar luach agus cho sònraichte sa tha sinn – chan ann a-mhàin anns an Rìoghachd Aonaichte, ach air feadh an t-saoghail.  Tha an in-thasgadh tron chùmhnant a toirt chothroman airson fàs nach biodh comasach na caochladh, air leth cudromach anns na h-amannan dùbhlanach seo. Cuidichidh an Cùmhnant ar comas a chleachdadh a’ gluasad air adhart, chan ann a-mhàin mar ùghdarras eileanach, ach cuideachd a’ fuasgladh tuilleadh bhuannachdan le bhith a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan co-eileanaich agus nas fhaid às.”

Thuit Cmhl Steven Coutts, Ceannard Chomhairle Eileanan Shealltainn: “Bidh na tagraidhean àrd-amasach againn sa chùmhnant a’ toirt fàs sònraichte eaconamach do ar n-eileanan. Faodaidh sinn a bhith misneachail gun toir an in-thasgadh ann am prìomh phròiseactan buannachd maireannach do choimhearsnachdan ar n-eileanan, do dh’Alba agus don Rìoghachd Aonaichte. Le bhith a’ cur làmh-sgrìobhaidh ri Teirmean Rùintean thatar a foillseachadh co-dhaingneachadh air ar n-eileanan a bhith nan àite tarraingeach airson a bhith a fuireach, ag obair, a bhith nad oileanach agus a’ dèanamh in-thasgadh.”  

 

 

 

Published: 17th March 2021