Full Deal Signed (Gaelic)

Islands Deal Signing
Islands Deal Signing

Thèid £393 millean gu lèir a chur an seilbh air sgàth Aonta Fàs nan Eilean a chaidh aontachadh eadar Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar

Chuir Ministearan Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba agus Ceannardan Chomhairlean Arcaibh, Shealtainn agus na h-Eileanan an Iar an ainmean ri aonta an-diugh (20mh Faoilteach) gus £100 millean a chur an seilbh airson saidhbhreas nan trì ùghdarrasan eileanach san àm ri teachd.

Thathar an dùil gun tèid suas ri 1,300 cosnadh a chruthachadh agus £393 millean a chur an seilbh mar thoradh air an aonta cruth-atharrachail airson Fàs nan Eilean eadar Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Shealtainn agus Comhairle Arcaibh.

Thairis air deich bliadhna, cuiridh Aonta Fàs nan Eilean taic-airgid an seilbh ann an 16 pròiseactan is prògraman a bhios a’ faighinn buannachd à stòrasan nàdarra air leth nan Eilean. Tha seo stèidhichte air na trì cuspairean ro-innleachdail a leanas: beag-charboin; a’ cur taic ri fàs eaconomach agus ghnìomhachasan san àm ri teachd; agus coimhearsnachdan seasmhach, soirbheachail, a’ crochadh air aonta chùisean gnìomhachais iomlan.

Air a cho-mhaoineachadh le suas ri £100 millean – £50 millean an urra bho Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte – gheibh Aonta Fàs nan Eilean barrachd taic-airgid suas ri £293 millean mar mhaoineachadh co-ionann.

Tha na trì Comhairlean Eileanach air an Aonta a leasachadh, còmhla ri com-pàirtichean poblach, acadaimigeach, gnìomhachais, coimhearsnachd agus treas-phàrtaidh.

Thathar an dùil sa chiad bhliadhna den phrògram deich-bliadhna gun tèid taic-airgid a chur an seilbh thairis air na h-Eileanan, a’ gabhail a-steach àrainnean OGE ann an Sealtainn agus sna h-Eileanan an Iar, agus Ionad Cothromachadh Carboin nan Eilean, a bhios stèidhichte air Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnàthachaidh Arcaibh ann an Stromness.

An dèidh soidhneadh an aonta ann an seòmar Comhairle Arcaibh, thuirt Calum Offord, Ministear na h-Alba Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte: “Chan e mhàin gun toir seo spionnadh do dh’eaconamaidhean ionadail agus gun cruthaich e cosnaidhean, bheir e comas cuideachd do choimhearsnachdan na buannachdan as fheàrr fhaighinn a-mach à stòrasan nàdarra nan Eilean a tha a’ ciallachadh gu bheil iad nan àitean sònraichte airson a bhith a’ fuireach.

“Tha an t-aonta seo làn sreath farsaing de phròiseactan a bheireadh deagh bhuaidh air an eaconamaidh, a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, a bhith a’ stiùireadh an eadar-ghluasad gu cothromachadh carboin no a’ leasachadh àitean a tha air leth tarraingeach do luchd-tadhail mar Shlighe Hiort.

“Tha an taic-airgid de £50m a tha Riaghlatas na Rìoghachd Aonaichte a’ cur ri aonta nan Eilean, a bharrachd air airgead-seilbhe àrd-ìreachaidh eile, a’ sealltainn ar dealas gus taic a chur ris na h-Eileanan Albannach.”

Thuirt Ministear Gnìomhachais Riaghaltas na h-Alba, Ivan McKee: “’S e iomairt chruth-atharrachail a th’ anns an Aonta Fàis – a’ comasachadh fàs eaconamach seasmhach agus a’ lìbhrigeadh bun-structar puirt ùr a bhios cudromach gu h-eadar-nàiseanta, agus a bhios cudromach ann a bhith a’ coileanadh thargaidean cothromachadh carboin.

“Cuiridh taic-airgid £50 millean Riaghaltas na h-Alba taic ris an eadar-ghluasad gu lùth ath-nuadhachail – a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh sgilean ùra don luchd-obrach – agus iomairtean gus eimiseanan a lùghdachadh fheuchainn sna h-Eileanan. Brosnaichidh e obair ùr-ghnàthach ann an roinnean cudromach mar fhànas, biadh is deoch agus ghnìomhachasan cruthachail; cuidichidh e ann a bhith a’ leasachadh chinn-uidhe turasachd agus cultarach, agus a’ leudachadh air solar foghlaim.

“Tha sinn daingeann gum bi ar n-eileanan nan àitean tarraingeach airson a bhith a’ fuireach is ag obair, agus gun urrainn dhaibh taic a chur ri cruth-atharrachadh eaonamach is seasmhach na h-Alba cho math ’s as urrainn.”

Thuirt Comhairliche Seumas Stockan, Ceannard Comhairle Arcaibh: “Tha soidhneadh na sgrìobhainne cudromaiche seo an-diugh ann an Arcaibh mar chlach-mhìle eile air ar turas ri chèile agus nar lèirsinn airson ar n-eileanan airson an àm ri teachd.

“Tha sinn air a bhith ag obair gu soirbheachail le chèile gus an t-aonta fàis aontachadh leis ar riaghaltasan ann an Lunnainn agus Dùn Èideann gus am bi àm ri teachd nas fheàrr againn uile. Chan e mhàin gu bheil an t-aonta ag aithneachadh gu bheil dùbhlain air leth againn sna h-Eileanan, ach gu bheil neartan againn cuideachd nar stòrasan nàdarra agus sna cothroman a tha sinn a’ tabhann.”

Thuirt Pòl Steele, Ceannard Comhairle nan Eilean Siar: “Tha soidhneadh Aonta Fàs nan Eilean an dà chuid mar lèirsinn a chaidh a chur air bhonn tro cho-obrachadh eadar Comhairlean nan Eilean agus Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba, agus mar thoiseach lìbhrigeadh na lèirsinne sin.

’S e clach-mhìle a th’ ann a bhith a’ coileanadh ar n-amasan gus 1,300 cosnadh a chruthachadh agus £393m de dh’airgead a chur an seilbhe thairis air deich bhliadhna tron Aonta nan Eilean, a’ cleachdadh ghoireasan nan Eilean agus a’ faighinn buannachd às na stòrasan nàdarra againn, agus as cudromaiche buileach, às na daoine a tha a’ fuireach sna h-Eileanan.”

Thuirt Emma NicDhòmhnaill, Ceannard Comhairle Shealtainn: “Tha pròiseactan san Aonta a thèid a choileanadh a-mhàin air eileanan sònraichte, le prìomhachas air cothroman agus prìomhachasan ionadail, a bharrachd air an fheadhainn a thèid an coileanadh tro obair chom-pàirteachaidh gus saidhbhreas eaconamach airson ar n-eileanan gu lèir a thoirt gu buil. Cha b’ urrainnear na pròiseactan air leth cudromach seo a tha a’ cur taic ri seasmhachd nan Eilean a leasachadh gun taic agus airgead-seilbhe Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba.

“Tha sinn air a bhith a’ leasachadh ar com-pàirteachas fhad ’s a tha sinn air a bhith a’ leasachadh an Aonta, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn mar a bhios e a’ leasachadh sna deich bliadhna a tha romhainn.”

Thèid na milleanan de dh’airgead-seilbhe a chosg air na pròiseactan a leanas.

A’ stiùireadh na slighe gu àm beag-charboin ri teachd

  • Ionad nan Eilean airson Cothromachadh Carboin
  • Co-ionad Connaidh Scapa Flow
  • Co-ionad Lùtha nan Eilean Siar
  • Pròiseact lùtha Ghlain Shealtainn
  • Cidhe Ro-Dhomhain Dales Voe

A’ cur taic ri fàs agus gnìomhachasan san àm ri teachd

  • Soirbheas nan Eilean Cruthachail
  • Leasachadh Ceann-uidhe nan Eilean Siar
  • Slighe Dualchais Arcaibh
  • Tuathanas Dìreach Arcaibh
  • Shell-volution
  • Prògram Biadh is Deoch nan Eilean Siar
  • Port-fànais 1

Coimhearsnachdan Soirbheachail Seasmhach

  • Eileanan TalEntEd
  • Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnàthachaidh Arcaibh
  • Ath-leasachadh Àrainn Shealtainn
  • Ath-leasachadh Àrainn nan Eilean Siar
  • Ath-leasachadh Knab

Published: 20th January 2023