Biadh is Deoch Innse Gall

Prògram Biadh is Deoch Innse Gall

Fishing Boat
Seas the Catch, Image Courtesy of Outer Hebrides Business Gateway

Tha cliù aig na h-Eileanan an Iar airson toradh aig àrd inbhe bho na prìomh ghnìomhachasan ach tha toradh agus obair bho iasgach is tuathanas air lughdachadh gu mòr anns na deicheadan mu dheireadh. Ann a bhith a’ toirt fa-near na dùbhlin, tha com-pàirtichean bho roinnean gnìomhachais, coimhearsnachd is poblach air co-obrachadh gu prìomhachasan a shònrachadh dhan roinn co-cheangailte ri iomadachadh toradh, meudachadh luach agus barrachd fòcas air fàs ionadail agus margaidhean ionadail, a’ toirt taic do na gnìomhachasan sin a bhith tighinn beò ann an saoghal an dèidh-Brexit/ COVID-19, agus a bhith a’ freagairt buaidh anns an ùine fhada air atharrachadh sa ghnàth-thìde.

Bidh Prògram Biadh is Deoch Innse Gall a’ cumail taic ri in-thasgadh calpa sònraichte air an aontachadh mar phrìomhachas le uachdarain coimhearsnachd, agus riochdairean tuathanas uisge agus iasgach:

  • Ionad le Biadh Ionadail aig Gròigearraidh; 
  • Aonad Deighe, goireasan fuarachaidh agus leasachaidhean eile aig a’ chidhe gu piseach a thoirt air solar ionadail; 
  • Ionad Bidhe Choimhearsnachd/ pròiseactan fàs bidhe. 

Gheibh Prògram Biadh is Deoch Innse Gall taic e in-thagadh suas ri £1.5 millean bho Riaghaltas na h-Alba.  

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Phrògram Biadh is Deoch Innse Gall cuiribh fios gu Murchadh MacAoidh