Leasachadh Cinn-uidhe Innse Gall

St Kilda

Tha turasachd anns na h-Eileanan an Iar a’ toirt timcheall air 10% a-steach don eaconamaidh ionadail agus a’ cumail suas iomadh gnothachas agus coimhearsnachd air an tuath tro na h-eileanan. Tha teachd-a-steach bhon roinn air fàs bho £53 millean ann an 2014 gu £65 millean ann an 2017 agus a’ coimhead coltach ri ruighinn £74 millean ann an 2020 mus tàinig COVID-19. Ann a bhith a’ toirt fàs air luach turasachd dhan eaconamaidh bidh e deatamach leantainn le in-thasgadh ann am bun-structar turasachd nan eilean, a’ toirt blas is eòlas brìghmhor.

Bidh pròiseact Leasachadh Cinn-uidhe Innse Gall a coimhead ri grunnan phròiseactan a’ togail neartan eadar-dhealaichte dh’àrainneachd àlainn agus dualchas chultarail Innse Gall.  Mar eisimpleir a’ cur fòcas air prìomh nithean ann an dualchas nan eilean leithid Hiort, Tursachan Chalanais a tha ainmeil air feadh an t-saoghail agus tachartasan stèidhichte air eachraidh nan eileanaich. 

Tha na pròiseactan air an taghadh gu bhith sgapte, a’ toirt cothroman cosnaidh ann an coimhearsnachdan iomallach agus a’ dearbhadh gu bheil buannachdan in-thasgadh ann an Leasachadh Cinn-Uidhe Innse Gall air an sgaoileadh air feadh nan eilean.

Gheibh pròiseact Leasachadh Cinn-Uidhe Innse Gall taic le in-thasgadh de suas ri £8 millean bho Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte (RnA £4 millean/RRA £4 millean).