Soirbheas Eileanan Cruthachail

Musicians
Image courtesy of An Lanntair

Tha pròiseact Soirbheas Eileanan Cruthachail ag amas air stèidheachadh lìon-rà ùr eileanan airson obair chruthachail agus ùr-ghnàthas soirbheis. Obraichidh a pròiseact seo thar na trì buidhnean eileanach, a’ neartachadh cliù nan eilean mar shàr ionadan cruthachail agus a’ meudachadh buaidh eaconamach agus shòisealta na roinne. Thèid in-thasgadh bhon Chùmhnant a chleachdadh gu bun-structair a leasachadh ann an Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall gu àite a thoirt to luchd-cruthachail anns na h-eileanan.  Bidh in-thasgadh a cur fòcas air rannsachadh air na ceangalan eadar obair chruthachail agus soirbheas, a cur taic ri leasachadh obair chultarail is chruthachail, agus co-obrachadh eadar-nàiseanta le iomlaid air sgilean is eòlas. 

Tha Prògram Soirbheas Eileanan Cruthachail cuideachd a riochdachadh com-pàirteachas eadar an roinn cruthachail nan eilean agus NHS Arcaibh, NHS Sealltainn agus NHS nan Eilean Siar le tagradh airson “Ionad nan Eilean airson Obair Chruthachail le Seann Daoine” a’ tabhann eisimpleir airson rannsachadh, deuchainn agus buileachadh slighean ùra gu dòighean fallainn air fàs nas sine a bhios freagarrach air feadh Alba agus an Rìoghachd Aonaichte. 

Gheibh pròiseact Soirbheas Eileanan Cruthachail taic suas ri £6.1 millean bho Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte (RnA £3.5 million/RRA £2.6 million). 

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Mairi Bochanan no Eosaph Mac a Phi