Spaceport 1 Innse Gall

Spaceport Visual

Tha pròiseact Spaceport 1 Innse Gall fo stiùir co-bhanntachd roinn poblach/prìobhaideach a tha sireadh cothrom so-ruigsinneach, earbsach agus sàbhailte gu cuairtean sioncronach a-rèir na grèine agus pòlarach ìosal timcheall na cruinne tro sheirbheisean losgaidh inghearach suidhichte aig Sgolpaig, Uibhist a Tuath. A’ gabhail cothruim air sàr shuidheachadh àite, agus an eòlas, comasan agus bun-structar aig Raon Innse Gall a tha ri làimh, bhiodh Spaceport 1 a freagairt air an eag-shiostam gnàthaichte agus a cur taic ri rùintean Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte a bhith aig toiseach chùisean ann am margaidh malairteach na cruinne a thaobh cuairtean-fànais. Thatar an dùil gum bi in-thasgadh Cùmhnant Fàs nan Eilean a cur taic ri gnìomhan fo-chuairtean.

Bidh am pròiseact seo còmhla ri pròiseact Àrainn Ùr-ghnàthas Fànas Shealltainn ann an Cùmhnant Fàs nan Eilean a toirt taic don cho-rùn mar dhùthaich a bhith aig toiseach chùisean fànais tro ullachadh co-fhreagrach ann an dàimh ri pròiseactan raointean-losgaidh còmhla ri bhith a’ cumail taic ri eag-shiostaman fànais ann agus timcheall air na raointean-losgaidh a’ toirt buannachd do na coimhearsnachdan ionadail agus roinnean nan eilean tro obraichean fìor sgileil agus na cothroman eaconamach agus sòisealta a tha na chois. 

Gheibh Spaceport 1 taic le in-thasgadh suas gu £1millean bho Riaghaltas na h-Alba.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Spaceport 1 cuiribh fios gu Alison NicThorcadail.