Ath-leasachadh Arainn Innse Gall

Lews Castle College and Students
Lews Castle College UHI

Bidh Ath-leasachadh Àrainn Innse Gall a’ toirt seachad foghlam adhartach agus trèanadh nas subailte agus le taic a bhios nas freagarraich do dhaoine air feadh Innse Gall aig iomadh ìre agus air tuilleadh adhbhair. 

Tron in-thasgadh thig leasachadh agus leudachadh air na goireasan gnàthaichte agus teicneòlas ionnsachaidh aig àrainnean UHI Innse Gall. Bidh seo a cur ri tairgse ionnsachaidh bheòthail agus àrainneachd le fòcas air sluagh òg a tharraing agus a chumail anns na h-eileanan, a’ tarraing luchd-ionnsachaidh gu na h-eileanan, a’ leudachadh chothroman air an ullachadh foghlaim, agus a’ cosnadh feachd-obrach sgileil airson gnothachasan gnàthaichte s a’ leudachadh, ùr-ghnàthas agus ionadan rannsachaidh.  

Gheibh pròiseact Ath-leasachadh Àrainn Innse Gall taic le in-thasgadh suas gu £1.5 millean bho Riaghaltas na h-Alba.